WordPress.org https://gd.wordpress.org A' cur Gàidhlig air saoghal na blogaireachd Mon, 08 Sep 2014 10:57:24 +0000 gd hourly 1 https://wordpress.org/?v=5.6-alpha-48856 4.0 agus làrach-taice ùr https://gd.wordpress.org/2014/09/08/4-0-agus-larach-taice-ur/ https://gd.wordpress.org/2014/09/08/4-0-agus-larach-taice-ur/#comments Mon, 08 Sep 2014 10:56:23 +0000 http://gd.wordpress.org/?p=115 Tha tionndadh ùr de WordPress ri fhaighinn, 4.0. Uel, ag innse na fìrinn, on a sgaoil sinn a’ phacaid Ghàidhlig mu dheireadh air a shon (3.5.1) bha tionndaidhean eile dheth air tighinn a-mach ach cha robh tìde gu leòr againn a’ phacaid cànain ùrachadh, obair car toinnte a tha ann. Ach rinn sinn a’ chùis air airson 4.0 ’s e air ùr-thighinn. Tha iomadh gleus ùr ’na bhroinn agus gheibh sibh tuairisgeul mionaideach orra air a’ phrìomh-làrach aig WordPress.

A bharrachd air sin, bu toigh leinn ur n-aire a tharraing do làrach eile nach robh ann an turas mu dheireadh, ’s e sin iGàidhlig. Tha e  ’na amas dha iGàidhlig fiosrachadh a sgaoileadh mu phrògraman is aplacaidean a tha ri làimh ann an Gàidhlig agus gheibhear stiùireadh mionaideach ann a thaobh stàladh is obrachadh nam prògraman sin. Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh!

]]>
https://gd.wordpress.org/2014/09/08/4-0-agus-larach-taice-ur/feed/ 1
Ràinig 3.5.1 https://gd.wordpress.org/2013/02/09/98/ https://gd.wordpress.org/2013/02/09/98/#respond Sat, 09 Feb 2013 17:18:06 +0000 http://gd.wordpress.org/?p=98 Seo dhuibh, a chàirdean tionndadh 3.5.1 a tha a’ tighinn an àite 3.4. Tha sinn cola-deug air dheireadh leis ach ’s e Microbost a tha coireach às agus na dòighean neònach a chleachdas WordPress gus pacaid ùr a dhèanamh. Cha tachair sin leis fhèin, tha agad ri tags a chruthachadh agus, ò, chan eil fhios a’m dè – bidh mise feumach air taic o rianaire mar is trice ’s bha am fear a chuidicheas mi caran trang.

Co-dhiù no co-dheth, tha e deiseil a-nis agus tha mi an dòchas gun còrd e ribh. Ma tha dad neònach ann, tha fhios agaibh far am faigh sibh greim orm!

]]>
https://gd.wordpress.org/2013/02/09/98/feed/ 0
Tha 3.4 ri fhaighinn a-nis! https://gd.wordpress.org/2012/06/18/tha-3-4-ri-fhaighinn-a-nis/ https://gd.wordpress.org/2012/06/18/tha-3-4-ri-fhaighinn-a-nis/#respond Mon, 18 Jun 2012 20:18:27 +0000 http://gd.wordpress.org/?p=90 Agus seo dhuibh e. Duilich gu bheil mi car fadalach leis, tha fhios agam gun dàinig e a-mach mu sheachdain air ais ach tha cus a’ dol an-dràsta fhèin. An dòchas gun còrd e ribh.

Mar a thuirt mi roimhe (ma thuirt mi e roimhe, chan eil mi buileach cinnteach), tha mi a’ cur fàilte air beachd sam bith mun eadar-theangachadh. Tha fios nach eil a leithid seo de rud furasta ann an cànan mar a’ Ghàidhlig. Tha fios gu bheil a’ Ghàidhlig glè chomasach air cainnt theicnigeach o shean ach tha beàrn car mòr eadar togail nam bàta fiodha agus an Lìon 2.0 … rinn mi mo dhìcheall agus tha mi pròiseil às ach tha fios gu bheil rudan ann a dh’fhaodadh a bhith dìreach beagan nas fhearr fhathast!

]]>
https://gd.wordpress.org/2012/06/18/tha-3-4-ri-fhaighinn-a-nis/feed/ 0
Cha naidheachd corra air cladach https://gd.wordpress.org/2012/03/29/cha-naidheachd-corra-air-cladach/ https://gd.wordpress.org/2012/03/29/cha-naidheachd-corra-air-cladach/#respond Thu, 29 Mar 2012 22:36:15 +0000 http://gd.wordpress.org/?p=64 Àidh… chan eil naidheachd mhòr agam dhuibh. Tha mi a’ dèanamh cinnteach nach bi sinn air dheireadh nuair a ghluaiseas sinn gu WordPress 3.4 uaireigin agus chuir mi barrachd bhlogaichean ris a’ showcase (eadar dà sgeul, ma tha deagh bheachd aig duine sam bith airson deagh eadar-theangachadh de showcase, bhithinn fada ’nur comain) – tha mu fhichead againn a-nis. Tha gu h-àraidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis trang, cha mhòr leth-dhusan làraichean aca!

Ceart ma-tà, cumaibh oirbh leis a’ bhlogaireachd!

]]>
https://gd.wordpress.org/2012/03/29/cha-naidheachd-corra-air-cladach/feed/ 0
Agus breith! https://gd.wordpress.org/2011/12/13/agus-breith/ https://gd.wordpress.org/2011/12/13/agus-breith/#respond Tue, 13 Dec 2011 02:21:32 +0000 http://gd.wordpress.org/?p=32 Laigh an iolaire, rug an cat an cuilean – tha sgaoileadh againn, WordPress 3.3 sa Ghàidhlig. Nise, tha mi dol a sgaoileadh an fhacail agus bheir mi mo leabaidh orm an uairsin.

Gus an ath-thuras, oidhche mhath leibh agus an dòchas gun gabh sibh tlachd ann!

]]>
https://gd.wordpress.org/2011/12/13/agus-breith/feed/ 0
Mòr-thorrachd https://gd.wordpress.org/2011/11/18/hello-world/ https://gd.wordpress.org/2011/11/18/hello-world/#respond Fri, 18 Nov 2011 11:00:16 +0000 http://global.wordpress.org/?p=1 Tha sgaoileadh an tionndaidh ùr, 3.3, a’ tighinn dlùth agus tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall gum bi ann tionndadh Gàidhlig deiseil airson an latha ud, preusant na Nollaig dhuibh. Leis a sin, chan eil tuilleadh ’s cus tìde againn post mòr a sgrìobhadh an-seo an-dràsta fhèin https://gd.wordpress.org/2011/11/18/hello-world/feed/ 0